Seiseanan Ealain Lèirsinneach ann an Gàidhlig

Tha Institiùd Dick air leth toilichte a bhith a’ cur air bhonn a’ chiad phrògram a-riamh de bhùithtean-obrach ealain lèirsinneach is thachartasan ann an Gàidhlig.  Tha na clasaichean a’ ruith uair sa mhìos gu an Dùbhlachd, bidh na seiseanan a’ dèiligeadh le cuspairean an taobh a-staigh prògram nan taisbeanaidhean caochlaideach. Bidh na bùithtean-obrach a’ coimhead ri measgachadh de chruthan ealain, a’ sgrùdadh mhodhan-obrach agus raon de mheadhanan, a’ gabhail a-steach tarraing, peantadh agus clò-bhualadh dhealbhan.

Aon Diardaoin gach mìos: 23 Màirt, 20 Giblean, 25 Cèitean, 22 Ògmhios, 20 Iuchar, 24 Lùnastal 2017

Feumaidh sibh àite a ghleidheadh ro-làimh - Aois 14

Airson àite a ghleidheadh, cuiribh fios gu Gailearaidh Institiùd Dick air 01563 554343 no air post-d gu:  john.mckissock@east-ayrshire.gov.uk